
A Summer Solstice celebration of football and culture as Alba FA welcomes Kernow FA to the Highlands for the Celtic Nations Festival.
A Summer Solstice celebration of football and culture as Alba FA welcomes Kernow FA to the Highlands for the Celtic Nations Festival.
Cèist | Listen
Enjoy the Gaelic music you’ve heard over the speakers? Click the link below to follow our Spotify playlist featuring Scotland’s most talented, including the likes of Runrig, Valtos & Niteworks.
-
Rann 1
Cha b’e sneachda ’s an reothadh o Thuath,
Cha b’e ’n crannadh geur fuar bhon Ear
Cha b’e ’n t-uisge ’s an gaillionn bho’n Iar
ach an galair a bhlian bho’n Deas
blàth, duilleach, stoc agus freumh,
Cànan mo threubh ’s mo shluaighSèist
Thig thugainn, thig còmh’ rium gu Siar
gus an cluinn sinn ann cànan nam Feinn,
Thig thugainn, thig còmh’ rium gu Siar
gus an cluinn sinn ann cànan nan GàidhealRann 4
Ged theich i le beath’ as na Glinn,
ged nach cluinnear nis muigh as an Dùn
o dhùthaich Mhic Aoidh fada Tuath
gu ruig thu Druim Uachdar nam bò
Gidheadh anns na h-Eileanan Siar
‘S i fhathast ann ciad chainnt an t-sluaighSèist
Thig thugainn, thig còmh’ rium gu Siar
gus an cluinn sinn ann cànan nam Feinn,
Thig thugainn, thig còmh’ rium gu Siar
gus an cluinn sinn ann cànan nan Gàidheal -
Taobh cùl an dorais cha bhi grian
Suidh aig bòrd
Cha bhi biadh 's cha bhi fìon
Taobh cùl an dorais cha bhi grian
Cha bhi biadh 's cha bhi fìon
Le èiginn ar n-èirigh às ar suain
Le èiginn ar n-èirigh às ar suain
An Gàidheal sa leabaidh
An Gàidheal na shuain
Le èiginn ar n-èirigh às ar suain
Thàinig e à Sasainn ann
Thàinig e
Le eachaibh luath is iuchair throm
Thàinig e à Sasainn ann
Le eachaibh luath is iuchair throm
Le èiginn ar n-èirigh às ar suain
Le èiginn ar n-èirigh às ar suain
An Gàidheal sa leabaidh
An Gàidheal na shuain
Le èiginn ar n-èirigh às ar suain
Air làr san toll-dhubh cha bhi grian
Cha bhi gealach
'S dubh an oidhche chaidleas sinn
Air làr san toll-dhubh cha bhi grian
'S dubh an oidhche chaidleas sinn -
[Verse 1]
Tha samhradh bliadhn’ eil’ air tighinn
’S cha thog mo ghrian an-àird’
Mo chasan trom ’s iad ’g iarraidh dhachaigh
’S m’ inntinn dol mun cuairt
Tha mi fallain, tha mi òg
Ach lag ’s mi bàthadh gun do phòg
Cha chaidil mi gun till mi do mo ghràidh
[Verse 2]
Bho àm gu àm bidh mis’ a’ coiseachd
Nam ònrachd sìos an t-sràid
Mi smuaineachadh air abhainn fhada
Tha laighe fad’ bhon rathad
’S i gu bhith làn le bric a’ snàmh
’S tachas daingeann na mo làimh
Cha chaidil mi gun till mi do mo ghràidh
[Chorus]
Tillidh mi dhachaigh, tillidh mi dhachaigh
Cha chaidil mi gun till mi do mo ghràidh
Tillidh mi dhachaigh, tillidh mi dhachaigh
Cha chaidil mi gun till mi do mo ghràidh
[Verse 3]
Nuair a thuiteas oidhche orm
’S e ’n t-àm as miosa th’ ann
Mise laighe na mo leabaidh
’S tusa na mo cheann
Cha bhiodh an samhradh cheart cho doirbh
’S tu nad shìneadh ri mo thaobh
Cha chaidil mi gun till mi do mo ghràidh -
[Verse 1]
Air sgiath a’ seòladh nan neòil
’S an domhain liath
Mar dhealbh a’ tighinn beò tro na sgòthan
’S mi tilleadh gu tìr
Alba nam beanntan àrd
Nan acraichean lom
Thairis air na lochan mòintich
Nan coilltean ’s nan gleann
[Chorus]
Alba, Alba
Alba, Alba
[Verse 2]
Ach ’s e sealladh leòinte is gann
’N seo aig ceann thall an linn
Talamh àlainn nan daoine
Fhathast an làmhan duine no dithis
Cuibhlean stòlda mu dheas
Na fàsaichean a tuath
An taigh mòr falamh an Dùn Èideann
Gun chùmhachd gun ghuth
[Chorus]
Alba, Alba
Alba, Alba -
[Verse 1]
There's thunder clouds 'round the hometown bay
As I walk out in the rain
Through the sepia showers and the photoflood days
I caught a fleeting glimpse of life
And though the water's black as night
The colours of Scotland leave you young inside
[Chorus]
There must be a place under the sun
Where hearts of olden glory grow young
[Verse 2]
There's a vision coming soon
Through the faith that cleans your wounds
Hearts of olden glory will be renewed
And down the lens where the headlands stand
I feel a healing through this land
A cross for a people like the wind through your hands
[Chorus]
There must be a place under the sun
Where hearts of olden glory grow young
There must be a place under the sun
Where hearts of olden glory grow young

Alba FA vs Kernow FA
Alba FA MNT
Alba FA Men’s National Team represents
Scottish Gaelic speakers.
Kernow FA MNT
Kernow FA Men’s National Team reflects
Cornish culture and the region of Cornwall.

CELTIC NATIONS
•
DÙTCHANNAN CEILTEACH
•
AN KENEDHLOW KELTEK
•
CELTIC NATIONS • DÙTCHANNAN CEILTEACH • AN KENEDHLOW KELTEK •
